Tha talamh math ann an Nis agus ma dh’fhàsas croitearachd nas fhèarr bidh cothroman math ann dha na daoine aig a bheil lotaichean. Tha cuideachd Comunn Eachdraidh anns an sgìre anns a bheil mòran seann rudan, dealbhan, sgeulachdan agus bàrdachd. Tha Taigh Dhonnachaidh ann a-nis cuideachd far am bi daoine òg ag ionnsachadh sgilean ùr ann an cèol agus na h-ealain.
Cuideachd, tha ionad-snàmh ann a Nis agus tha seo math airson clann òg, deugairean agus inbhich. Tha planaichean ann airson togail ionad spors shios ri taobh an Sgoil ann an Lional agus bi seo math airson an sgire uile.
Tha torr deugairean ann a Nis agus bi an cuid aca a deanamh rudan airson na sgìre. Tha feadhainn de na deugairean a’ gearain cuideachd ach tha a beachd fhein aig a h-uile duine co-dhiù!
Tha seann dhaoine anns an sgìre cuideachd agus bidh cuid dhuibh a’ dol dhan a eaglais. Tha iad a coimhead sìos air daoine a tha a’ deanamh cus fuaim air Latha Na Sabaid. Ach chan eil diofar ann a bheil? Tha sia laithean eile againn airson deanamh fuaim!
Tha Nis gu math breagha agus se àite a tha a’ tarraing luchd-turais a steach. Chan eil moran obair ann an drasta ach tha Iomairt Nis a’ feuchainn ri toirt obair chun an sgire. Nuair a dh’ fhosgaileas an Ionad-spors bi torr obair ann airson a h-uile h-aois.
Anns an samhradh tha an t-side gu math breàgha – chan eil e cho teth ri an Spainn ach tha e teth gu leor dhomhsa! Anns a gheamhraidh tha e gle fhuar agus bidh torr uisge ann ach chan eil cur stad air na daoine a tha airson a bhith ceilidh!
Cuideachd anns an samhradh tha torr feisean ann. Bi muinntir na sgìre a dheanamh rudan airson an sgire mar “feisean” agus “consairtean!” Bi an sgire uile tighinn a mach agus tha daoine doigheal. Nam mo bheachd se an sgire gun chadal a th’ann nuair a tha na feisean a’ dol.
Ma tha thu ag iarraidh laithean saora a tha beothail, breagha, làn gaire agus beagan samhchair annta – trobhad gu Nis!